Sgìrean SNH
Na h-Eileanan an Iar
Manaidsear Roinn: Daibhidh MacGill' innein Sràid Fhrangain, Steòrnabhagh 135 Stadhlaigearraidh, Uibhist a Deas |
![]() |
Dualchas Nàdair Na h-Eileanan an Iar
Tha feadhainn den fiadh-bheatha a tha as cudthromaich anns an Roinn-Eòrpa air an lòrg anns a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. Feumaidh sinn a bhith ag obair còmhla ri na daoine a tha a’ fuireachd air an fhearainn agus a bhios ag obair air, airson a stiùiriche agus gus am faigh iad buannachd as.
Tearmann Nàdair Nàiseanta Loch Druidibeg
‘S e Loch Druidibeg agus am fearann mun chuairt air aon de na h-àitean as fheàrr anns na h-Eileanan an Iar airson farsaingeachd fiadhbheatha agus àrainnean nan eilean fhaicinn. Tha an 1677 heactair a tha a’ dèanamh an àirde Tèarmann Nàdair Nàiseanta Loch Druidibeg a’ sìneadh tarsainn Uibhist a Deas bho oirthir a’ Chuain Shiair cha mhòr chun a’ Chuain Sgìth.
^
Tro na linntean
Gu mu 4000 bliadhna air ais bha coilltean agus preasan ann am iomadh
ceàrnaidh fasgach
Sna h-Eileanan an Iar. Nuair a dh’fhàs an aimsir na bu
fhluiche agus na b’fhuaire bha i na bu fhreagarraiche airson
mòine a fàs agus bhàsaich na craobhan. Gheibhear
beagan de na preasan seo fhathast air eileanan ann an lochan air falbh
on mhuir far nach ruig mar as trice beathaichean feurach mar chaoraich
agus fèidh orra. Tha grunnan eileanan ann an Loch Druidibeg
leis a’ choille dhùthchasach seo anns a bheil seòrsaichean
mar bheithe, caorann, aiteann, fuath-mhuc agus raineach rìoghail.
Tha na h-aon chraobhan eile anns an tèarmann rim faighinn ann am pàirc bheag ri taobh rathad Loch Sgioport agus chaidh an cuir na bu thràithe anns an linn seo. Gu mì-fhortanach, ‘s e ròs chraobh as motha a tha ann, ach tha craobhan agus preasan eile a’ strì ri fàs nam measg, an dà chuid dùthchasach agus coimheach – chì thu fiù ‘s craobh toimhseachan a’ mhuncaidh! Tha an earann seo a’ toirt fasgaidh fheumail airson iomadh seòrsa meanbh-fhrìde agus eun beag.
^
Machair fo bhlàth
Tha seilbh air a bhith aig Dualchas Nàdair na h-Alba air a’ phàirt den tèarmann a tha air taobh an ear an rathad mhòir bho 1958, agus chaidh earann a’ mhachair a chuir ris ann an 1962 le aonta Oighreachdan Uibhist a Deas. Tha na brèidean de earannan àitich, bàn, fàs, fluiche agus tioram air a’ mhachair làn dathan fad mìosan an t-samhraidh nuair a tha lusan mar a’ bhile-bhuidhe, goirmean-searradh, lus-an-rìgh agus iomadh moth-ùrach fo bhlàth. Tha na ceàrnaidhean mun oirthir agus fearann croiteachd cuidecahd nan àiteachan briodaidh cudromach do eòin-grunnachaidh leithid a’ phollarain, a’ cham ghlais, a’ churracag agus an trìlleachan-tràghad, le traoin – nach fhaicear ach ainneamh – a’ falach anns ba h-achannan feòir.
^
Air ur turas
Tha sibh di-beathe an tèarmann a rannsachadh mar is toigh leibh – chan eil bacadh a thaobh ruigsinneachd ach aig ceann an iar-dheas Loch Druidibeg nuair a tha na h-eòin a’ briodadh (bho thòiseach a’ Ghiblinn gu deireadh an Lùnasdail). Cuimhnichibh gun cuir sibh suim ann an còraichean nan croitear, cumaibh coin air iall agus feuchaibh ri fuireach air na frith-rathadan a tha ann mu thràth. Feumar cead airson iasgach air na lochan.
Tha cuairt fèin-treòrachaidh timcheall pàirt den tèarmann agus gheibhear bileag fiosrachaidh mun seo bho oifisean ionadail Dhualchas Nadair na h-Alba no bho oifisean turasachd. Feuchaibh gun dragh a chur air fiadhbheatha.
^
Chan eil àite coltach ris an dachaigh
Tha gainmheach shligeach air a siabadh leis a’ ghaoith a’ toirt tuilleadh shochairean le bhith a’ mathachadh nan lochan fìor-ùisge a tha sgapte air feadh a’ mhachair. Chan e a-mhàin gu bheil iad fìor-mhath airson iasgach bhreac, ach tha iad cuideachd cudromach airson eòin fhiadhaich, an dà chuid mar làraich briodaidh agus mar làraich geamhrachaidh. Tha Loch Druidibeg air a bhith na làraich briodaidh chudromach o chionn fhada do ghèoidh ghlasa a tha a’ fuireach ann an Uibhist fad na bliadhna. Is iad seo aon den bheagan thuineachais de na h-eòin seo ann am Breatainn nach eil a’ dèanamh inrich gu tuath as t-earrach gus briodadh.
^
Seallaidhean-tìre Eadar-dhealaichte
Cha b’ urrainn don t-sealladh tìre a bhith na b’ eadar-dhealaichte aig dà cheann an tèamainn. Air taobh an iar Uibhist gheibhear mìltean de thràighean gainmhich le talamh feurach na h-oirthire – ris an canar machair – a tha sònraichte do cheann a tuath na h-Alba agus taobh an iar na h-Eireann. Tha na h-àrainnean sin glè eadar-dhealaichte bhon t-sealladh tìre chun an ear far a bheil mòinteach fhraoch agus monaidhean gu mullach nan cnoc. ‘S e Hecla (606 meatairean) aon de na cnuic as àirde agus tha e na chùl-ionad drùiteach don tèarmann. Bidhiolairean-buidhe tric a’ sealg air na slèibhtean far a bheil an fheadag agus a’ chearc fhraoich cumanta agus cuideachd ‘s e dòcha gum faicear fèidh a chaidh an toirt a-steach do dh’Uibhist a Deas às ùr o chionn ghoirid.
^
Gneiss agus saillte
Tha a’ chuid mhòr de na h-Eileanan an Iar air an dèanamh an suas de gneiss – a’ chreag as sine san Roinn Eòrpa a tha còrr air 3000 millean bliadhna a dh’aois – a tha a’ toirt dhuinn talamh searbh, neo-thorach, rèisg. Ri linn seo ‘s e àireamh beag de lusan agus de bheathaichean a gheibhear aig ceann an ear Loch Druidibeg. Ach, mar a tha an loch a’ traoghadh chun a’ Chuan Shiair air an taobh an iar, tha buaidh na mara air agus chan e a-mhàin gu bheil e a’ fàs nas saillte ach chan eil e cho searbh air sgàth na gainmhich shligeach a tha air a siabadh a-steach.
^
Sochairean iomaill a’ Chuain Shiair
Tha tràighean gheala ainmeal Uibhist air an dèanamh suas de shlighean-mara air am pronnadh. Chaidh a’ ghainmheach bho na tràighean sin a dhiabadh a-steach bhon chladach a’ cruthachadh blàr oirthire làn aoil, no machair, a tha cudromach ann an àiteachas thraidiseanta nan eilean. Tha na croitearan a’ cur coirce agus seagal air a’ mhachair airson fodar agus airson a bhith ag ionaltradh chrodh agus chaorach sa gheamhradh. Tha feamainn a tha air a cuir air an tìr le stoirmeab air a cleachdadh airson todhar agus gus an talamh tana gainmhich a bhuailteachadh. Mar as trice tha na croitean suidhichte eadar am machair agus a’ mhòintich anns an earann ris an canar ‘talamh dubh’
^
Cliù an loch
Tha cudrom Loch Dhruidibeg mar làraich dualchas nàdarra air iomadh sònraichte a chosnadh
1958
Tèarmann Nàdair Nàiseanta (leudachadh 1962)
1976
Làrach Talamh Fluich Ramsar
1976
Tèarmann Bith-chruinne
1978
Pàirt de NNR ann an Earrann Bòidheachd Shònraichte
Nàiseanta Machair Uibhist a Deas
1982
Arainn Dìon Shònraichte do Eòin
1987
Làrach Annasach a-thaobh Eòlaidheachd
1988
Pàirt de Sgìre a tha air a chomharrachadh Sònraichte
a-thaobh na h-Arainneachd ann an Uibhist
A thuilleadh air an sin, tha pàirt den tèarmann a’ toirt a-steach dà Làrach Lèirmheas Glèidhteachas Geòlas.
^
