Tachartas airson na Cloinne anns a’ Choille

Cèic a dh’fhuin ‘Acharacle Bake House’
Bha an tachartas aig Sgoil na Coille, goireas ùr a tha stèidhte sa choille. Bidh an sgoil seo a’ toirt foghlam do chlann air craobhan agus preasan fa leth agus mu dhiofar fhlùraichean agus beathaichean. Thug luchd-gleidhidh bho Ùghdarras nan Coilltean an Alba agus Comhairle na Gaidhealtachd seachad fiosrachadh, le cuideachadh bho luchd saor-thoileach sa choimhearsnachd.
Air Disathairne na Càisge chruinnich còrr air ceud neach-cloinne agus an cuid teaghlaich, airson barrachd ionnsachadh mu dheidhinn an dualchas nàdarra. Fhuair iad cothrom pàirt a ghabhail ann an iomadach seòrsa chur-seachadan, co-ceangailte ris an dualchas nàdarra. Thog Jamie Mac an t-saoir, Manaidsear Stiùiridh Shuaineirt, bocsaichean-eun a bhios a’ toirt seachad sìol do na h-eun. Bha oifigear pròiseict Sgillean na Coille, Helen NicGillebhràth a’ cuideachadh le cur-seachadan na cloinne, a’ gabhail a-steach sealgaireachd uighean nan Càisge.
Bha Sheila Nairn aig an tachartas agus i na stiùiriche airson Comann Choimhearsnachd Àth Tharacail agus i air Bòrd Sgìrean a Tuath Dhualchas Nàdair na h-Alba airson Loch Abar. Thuirt i gun do chòrd an latha ris a h-uile duine agus gun robh cothram fìor mhath aca, gu h-àraid a’ chlann, barrachd ionnsachadh mu dheidhinn ar dualchas nàdarra.
Dh’ionnsaich iad dè cho cudromach sa tha e a bhith ag obair còmhla ri cheile gus an fhearainn a stiùireadh ann an dòigh a tha buan. Aig an aòn àm bha latha sgoilnneil aig a h-uile duine a’ gabhail pàirt ann an cur-seachadan eadar-dhealaichte.